Scotlands History

Beul Ifrinn

'S e ìomhaigh eagallach bho na meadhan-aoisean bha ann am Beul Ifrinn, le biast mhòr le beul mòr fosgailte mar gheata a-steach gu Ifrinn.

Thog e ceann an toiseach rè àm nan Anglo-Sagsannach agus bha e cumanta anns na meadhan-aoisean agus a-steach gu Linn an Ath-Bheothachaidh. Mar bu trice anns na dealbhan-chluiche chitheadh tu air an àrd-ùrlar ìomhaigh de Bheul Ifrinn airson eagal a chur air an t-sluagh. Bhiodh aodach leathair air na cleasaichean mar dheamhainnean agus bhiodh teine a' tighinn a-mach à Beul Ifrinn airson peacaich a shlaodadh sìos don t-sloc.

Ann an Caibeal Ròis Lìnn, deas air Dùn Èideann, tha Beul Ifrinn bhon 15mh linn, le deamhainn aig a bheil forc, agus teine a' brùchdadh a-mach as. Bha Beul Ifrinn ann an dealbhan ann an eaglaisean agus ann an obair shnaighte mar rabhadh do dhaoine peacadh a leigeil seachad.

Chan eil e soilleir cò às a thàinig an ìomhaigh seo an toiseach ach canaidh cuid gun tàinig e às an t-Seann Tiomnadh, Leabhar Àireamh (16: 28 gu 33).


  • Beul Ifrinn, Caibeal Ròis Lìnn
  • Beul Ifrinn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Photo of the devil shown in a stained-glass window

The Medieval Mouth of Hell

Ionnsaich tuilleadh mu ‘Mouth of Hell’ meadhan-aoiseil le ar duilleig eadar-oibre.