English
Airson barrantas fhaighinn mar lighiche dh'fheumadh duine trèanadh airson deich bliadhna – na b' fhaide na dh'fheumas duine an-diugh ged bha an obair borb is sìmplidh aig an àm. Bha cead aig borbair fuil a shileadh is fiaclan a tharraing, agus bha ceimigearan ag ullachadh agus a' reic chungaidhean-leighis.
Bha obair-lannsa gu math toinnte ga dhèanamh air a' bhlàr-chogaidh, ach às aonais loit-leaghas bha na h-euslaintich ann an cunnart bhith air an truailleadh agus gun tigeadh morgadh no septisimia orra.
Bhathar a' creidsinn gun robh ‘iumairean’ sa chorp (domblas buidhe, domblas dubh, fuil agus lionn-cuirp) a dh'fheumadh a bhith air an cothromachadh. Sin bu choireach gu robh sileadh-fala gu tric ga chleachdadh, còmhla ri stuthan-glanaidh agus fuar-litean, airson gum biodh droch rudan air an toirt air falbh.
Bha fulang le tinneas bho chionn còig cheud bliadhna glè eadar-dhealaichte bho chùisean an-diugh. Rannsaich stiùireadh mu ìocshlaint sna meadhan-aoisean le ‘Homework Helpers’ aig ‘Historic Scotland’, agus ionnsaich mu nithean mar a’ phlàigh agus dhòighean air tinneasan a leighis.
’S i Abaid Jedburgh aon de cheithir abaidean mòra nan Crìochan. Lorg a gàrradh lusan airson ìocshlaint is gàirnealaireachd leis a’ phasgan ionnsachaidh seo bho ‘Historic Scotland’.
Find us on