Scotlands History

Ridirean agus co-fharpaisean

Bhiodh ridirean a' dol don bhlàr-chogaidh le armachd air muin eich - b' iad sin am marc-shluagh trom. An-diugh tha marc-shluagh a' gluasad ann an tancaichean agus ann an càraichean-armachd. Bha e cudromach gun robh ridirean air an armachadh 's air an trèanadh gu math. Thòisich co-fharpaisean mar àitean-trèanaidh do ridirean. San tuasaid agus san t-sabaid-lannsa bha na ridirean ag ionnsachadh nan sgilean a dh'fheumadh iad ann an cogadh.

Dh'fhàs na co-fharpaisean gu bhith nan tachartasan sòisealta beòthail. Bha sreathan de riaghailtean air an dèanamh airson nan co-fharpais agus bha laghan ann a dh'innseadh dè an seòrsa modh bha air a shùileachadh bho ridire. 'S e seòrsa de bhatal  bha anns an tuasaid. Mar bu trice cha robh cus rian air, le ridirean a' feuchainn ri neach-dùbhlain a ghlacadh airson èirig. 'S ann às dèidh sin a thàinig an t-sabaid-lannsa far am biodh ridirean air muin eich a' marcachd an aghaidh ridirean eile ann an sabaid shingilte.

Bha cliù agus fortan gan dèanamh air achadh na co-fharpais. Bhiodh ridirean à Alba a' dol don Roinn Eòrpa a ghabhail pàirt anns na co-fharpaisean. Mus robh Uilleam an Leòmhann na rìgh air Alba bha e a' sabaid ann an co-fharpaisean ann an ceann a tuath na Frainge. Chaidh am prìomh oifigeir aige, an ridire Albannach Sir Philip de Valognes, a ghlacadh airson èirig ann an tuasaid leis an ridire ainmeil à Sasainn, Uilleam Marsall.

Aig deireadh nam meadhan-aoisean bha na co-fharpaisean nan taisbeanaidhean làn sheallaidhean agus spòrsan far am b' urrainn dha ridirean am beartas agus an cliù a thoirt gu aire dhaoine. Ann an Dùn Èideann, ann an 1507 is 1508, chuir Rìgh Seumas IV air chois co-fharpais an Ridire Fhiadhaich agus na Mnatha Duibhe. Ghabh an rìgh pàirt an Ridire. Thug e buaidh air na co-fharpasaich eile agus bhuannaich e  Am Boireannach Dubh. 'S e tachartasan mòra agus cosgail bha anns na co-fharpaisean agus cuideachd bhiodh cuirmean le biadh, ceòl is dannsa ann.

Bhiodh ridirean tric air an goirteachadh anns na co-fharpaisean. Uaireannan chailleadh iad am beatha. Anns an Iuchair 1559 chaill athair-cèile Mhàiri Banrìgh Alba, Rìgh Eanraig II an Fhraing, a bheatha le tubaist ann an sabaid-lannsa. Bha e a' sabaid air muin eich an aghaidh Gabril MacGumaraid, caiptean san Fhreiceadan Albannach, nuair a chaidh pìos de shleagh tro shùil Eanraig. Ged a bha iad cunnartach bha co-fharpaisean fhathast tarraingeach am measg nan uaislean gu ruige na h-Aois Nodha.


  • Dealbh a' sealltainn ridire aig sabaid-lannsa
  • Snaigheadh ìbhri de dà ridirean aig co-fharpais sabaid-lannsa

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.