English
'S e cur-seachadan cumanta bha ann an sealg agus spòrs sheabhagan, gu sonraichte am measg nan uaislean.
Mar bu trice bhathar a' sealg air muin eich, tric le coin mar choin-seilge fhèidh. Bhiodh armachd air a chleachdadh mar bha sleaghan agus bogha-fada. Às dèidh sin bha boghan-croise air an dèanamh.
Chuireadh na daoine rìoghail agus na h-uaislean earrannan de choille air leth airson sealg agus chruthaich iad pàircean le fèidh. Mar bu trice b' e fèidh, torc fiadhaich, madaidhean-allaidh, geàrran agus rabaidean bhiodh iad a' sealg. Bha seirbhisich ann a shealladh às dèidh na bhiodh air a mharbhadh.
'S ann air chois a bhiodh iad ri spòrs le seabhagan, le na h-eòin sin air an trèanadh gu math, air an cleachdadh airson ainmhidhean beaga agus eòin a ghlacadh, an àite bhith ag obair le armachd. Mar a bha fìor a thaobh sealg bha òrdughan làidir agus riaghailtean ann ag innse dè an seòrsa eun a dh'fhaodadh gach duine a chleachdadh agus cuideachd dè an seòrsa uidheam.
B' e dreuchd fir-seabhaig a bhith a' trèanadh agus a' sealltainn às dèidh eun-seilge aig a mhaighstir no a bhana-mhaighstir. Cuideachd dhèanadh fear-seabhaig strapan leathair agus bonaidean – ‘jesses’ - airson nan eun-seilge.
Find us on