Scotlands History

Buidhnean luchd-ciùird

Bha buidhnean luchd-ciùird ann airson dìon a chur air còirichean agus inbhe nam ball. Bha buidhnean ann airson cheannaichean agus luchd-ciùird. Bha na buidhnean bha aig na ceannaichean gu sònraichte ann airson gum biodh iad air an dìon nuair bhiodh iad a' siubhal. Bha na buidhnean bha aig luchd-ciùird airson gum biodh fear-ciùird air a thrèanadh agus gun dèigheadh cead a thoirt dha obair a dhèanamh. Nam biodh duine na bhall de bhuidheann luchd-ciùird, bha sin a' ciallachadh gun robh inbhe na b'nàirde aige agus cuideachd bha e a'nciallachadh nam biodh e tinn no air a leòn gum faigheadh e taic.

Chan fhaodadh fear-ionnsachaidh pòsadh gus am biodh e a-mach le cheàrd agus cha b' urrainn dha a dhol a dh'obair air a cheann fhèin air leth bho fhear-taice gus an ruigeadh e inbhe sàr-obraiche. Bha e doirbh an inbhe sin a ruighinn agus bha e gu mòr a rèir dè an seòrsa beachd a bha aig a' mhaighstir agus aig co-inbhich a mhaighstir air.

Bha buidhnean luchd-obrach agus luchd-ciùird rim faighinn aig fèillean dhiadhaidh. Bhiodh iad a' cluich air an àrd-ùrlar. Bhiodh iad, le cairtean agus sgeulachdan às a' Bhìoball, a' foillseachadh na ciùird aca. Mar eisimpleir thogadh luchd-togail nam bàta cairt an riochd Àirc Noah.


  • Gobha bho na meadhan-aoisean

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.