Scotlands History

Freiceadan Alba

Bha na h-Albannaich agus na Frangaich air an ceangal leis an t-Seann Chàirdeas. Chaidh Freiceadan Alba – ‘Garde Ecossaise’ – a steidheachadh ann an 1418 le Tèarlach VII na Frainge. Bha na saighdearan Albannach ann am Freiceadan Alba a' sabaid air taobh Joan of Arc an aghaidh Shasainn ann an Cogadh nan Ciad Bliadhna.

Anns a' Mhàrt 1421 fhuair feachd Fhrangach is Albannach fo Iain Stiùbhart, Dara Iarla Bhochainn agus Gilbert de Lyfayette, buaidh air feachd Shasannach a bha na bu mhotha, aig Blàr Bhaugé. Trì bliadhna an dèidh sin aig Batal Bherneuil, chaill na h-Albannaich mu 6,000 duine, is Iain Stiùbhart nam measg.

Bha Freiceadan Alba air fhaicinn mar mar bhuidheann-cogaidh air leth math. Chleachd Louis XI na Frainge iad mar fhreiceadain pearsanta dha monarcan na Frainge. Air sgàth na seirbheis sin, glè thric gheibheadh saighdearan Albannach inbhe urramach agus fearann san Fhraing.

Sa 15mh linn phòs Caiptean Raibeart de Coningham, Caiptean Freiceadan Alba, Louise Chenin agus thog e ‘Chateau de Cherveux’ - Caisteal Cherveux. Tha clachan anns a' chaisteal air an snaigheadh le cailleach-oidhche, ialtag, bratach leòmhainn Alba agus dithis neach-ciùil, aon a' cluich air rebec agus an neach eile a' cluich air a' phìob-mhòir.


  • dealbh den Chateau de Cherveux

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.