Scotlands History

Biadh agus deoch

Shìos ann an cidsinean a' chaisteil bha àrm beag ag ullachadh a' bhìdh airson an teaghlaich. Bha an còcaire a' stìuireadh nam fo-chòcairean agus nam bèiceirean. Bha luchd nam preasan a' dèanamh cinnteach gu robh na cidsinean làn. Bha luchd nan eun ag ullachadh nan eun. Bha aran air a dhèanamh ùr agus air fhuine anns na h-àmhainnean mòra. Bha measan agus glasraich air an cruinneachadh ann an liosan agus gàrraidhean a' chaisteil. Bha pàircean le fèidh aig cuid de na caistealan airson a bhith a' sealg agus bha sitheann ga ithe fad na tìde.

Tha sinn eòlach air a' chuid as motha de  na biadhan a gheibheadh thu air a' bhòrd anns na meadhan-aoisean - feòil-chaorach, mairtfheòil, feòil-laoigh, sitheann, iasg, ùbhlan, peuran, sirisean, creamh-gàrraidh. Bha mil air a cleachdadh airson biadh a dhèanamh milis. Cha robh lorg air cuid de na biadhan a bhios sinn ag ithe an-diugh, mar buntàta, anns na meadhan-aoisean an Alba.

Bha blas làidir tric ga chur air a' bhiadh le lusan agus spìosraidh mar chreamh, ròsmhairi, feneil, meannt, peirsill, sionamon, dias-phiobar, tinnsear, clòbhan agus meg-chnò. Thàinig cuid den spìosraidh a-steach air rathaidean bha aig Eilthirich don Talamh Naomh. Chaidh an toirt air ais le feadhainn a bha ann an cogaidhean na croise. Bha salann glè dhaor - cha bhiodh e ach aig daoine aig ìre àrd mar rìghrean agus uaislean. Tha cuid de na biadhan anns na meadhan-aoisean, mar bha slamab-fheòil, glè annasach an-diugh.

Bha Albannaich anns na meadhan-aoisean ag ithe iomadh seòrsa creutair nach eil sinn ag ithe an-diugh, mar ealachan, peucagan, ròin, lampraidhean, agus pèileagan. Bha iad ag ithe mòran de eòin mar eòin bheaga fhiadhaich, geòidh agus easagan. Bha iasg an còmhnaidh ga ithe oir cha leigeadh an eaglais le daoine feòil ithe aig Carghas no air Diciadain, Dihaoine no Di Sathairne. Bha sgadan, pìc, bradan, agus aran gu cumanta air an ithe còmhla ri easgannan a bhiodh air an glacadh ann an lochan le ribein air an dèanamh le slatan agus le sleaghan air an dèanamh le uèir bhiorach.

Tha dhà no trì de leabhraichean-reasabaidh bho na meadhan-aoisean fhathast ann. Chaidh aon, ‘A Forme of Cury’, a sgrìobhadh mu 1390. Tha reasabaidh airson 'Cockatrice' - creutair ainmeil bha na leth nathair agus na leth choileach, mar bhasilisc le sgiathan. Anns an reasabaidh airson ‘cockatrice’ dh'fheumadh leth circe agus leth uircein ròsta a bhith air am fuaigheal ri chèile.


  • Nighean le treidhe aran

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

'S e ‘La quatre Estampie Real’ pìos gun urra bho sgrìobhainn 13mh linn Frangach ‘Chansonnier du Roi’. Thathar ga chluiche an seo air a' chlàrsaich, òboidh agus druma-cèise. Is dòcha gun robh na h-earrannan ciùil a rèir ghluasadan dannsa.