English
B' e cogaidhean a dh'èirich a-mach à diadhachd a bh' ann an Cogaidhean na Croise bho 1095 gu 1291.
B' i an Eaglais Chaitligich a thòisich seo agus iad airson An Dùthaich Naomh fhaighinn air ais bho na Muislamaich a bha air an dùthaich a ghabhail thairis. Às dèidh sin bha cogaidhean na croise a' feuchainn ri bhith a' cumail sìos no bhith ag iompachadh feadhainn nach robh a' leantainn bheachdan Chaitligeach. Bha iad cuideachd airson gum biodh nàimhdean phoilitigeach a' Phàip air an cur fo na casan. Bha cìsean Pàpanach air an togail bho air feadh na Roinn Eòrpa gus pàigheadh airson nan cogaidhean.
Bha saighdearan agus ridirean a bha ‘a' togail a' chroinn-cheusaidh’ agus a' dol a shabaid ann an cogaidhean na croise a' dèanamh bhòidean. B' e aon bhuannachd bha na lùib gun robh iad a' faighinn saoradh bho na peacaidhean a rinn iad. An-diugh canar ‘cogadh-croise’ ri strì sam bith far a bheil eud, gu sònraichte ma tha an t-strì doirbh.
Thug comhairlichean Dhaibhidh I air an rìgh fuireach an Alba agus gun a dhol gu Ierusalem a shabaid. Bha Albannaich ann ‘a thog an crann-ceusaidh’ mar Ailean Fitsualtar, Àrd Stiùbhart na h-Alba a chaidh còmhla ri Ruiseart Lionheart san Treas cogadh-croise.
A’ gabhail a-steach a h-uile rud bhon t-Sumanadh gu Glacadh Ierusaleim, tha an aithris ghoirid seo bho bhunan co-aimsireil a’ cur an cèill cunntas mionaideach mun Chiad Cogadh-croise.
Faigh a-mach dè dìreach an t-aodach a bhiodh air Cogadh-croiseir, bho a lèine chruadhach gu a chlogaid iarainn ’s a chòta-uachdrach no a sgiath dhathte. Tarraingeach do chloinn aig aois sam bith.
Find us on