Scotlands History

Beatha ann an caisteal Albannach

An-diugh tha a' mhòr-chuid de chaistealan Alba nan làraich dhràmadach. Tha e doirbh dealbh a dhèanamh nad inntinn air àm nuair a bha na rumannan le ballachan cloiche làn beatha agus fuaim. Aig aon uair bha coimhearsnachdan beò a' fuireach anns na caistealan sin. Tha a sgeulachd fhèin aig gach caisteal.

Anns na meadhan-aoisean dh'èirich caistealan Alba bho thùir fhiodha le feansaichean fiodha gan dìon, gu ionadan-daighnich mhòra cloiche agus gu tùir a bha nan taighean. An ceann ùine thog na h-Albannaich caistealan a bha na bu chofhurtail agus na bu chosgail. Bha cuid de bheachdan bho chaistealan Frangach gan toirt a-steach.

Bha na cidsinean trang anns na caistealan le biadh ga ullachadh le searbhantan airson bòrd nan tighearna no nam ban-tighearna. Bha torc agus sitheann air an ròstadh air bioran-ròstaidh ann an àiteachan-teine mòra fosgailte. Bha taois ga fhuine agus aran ga dhèanamh ann an àmhainnean mhòra. Bheireadh balaich fiodh às na stòir airson gum biodh teintean ann airson còcaireachd. Bha biadh air a dhèanamh blasta le lusan agus spìosraidh agus air a dhèanamh milis le mil. Uaireannan bha fìon air a thoirt às an Fhraing ach mar bu trice 's e leann bha a h-uile duine ag òl.

Bha gillean-eich a' coimhead às dèidh nan each agus gillean-stàbaill a' glanadh nan stàball, a' cur sìos feur glan agus a' tighinn le uisge agus biadh. Bha sealgairean a' tilleadh le fèidh, gèarran, rabaidean agus eòin airson a' bhùird. Bha searbhantan a' frithealadh air boireannaich a' chaisteil. Bha cur-seachadan ann mar sealg, spòrs le seabhagan, obair-ghrèis agus fighe. Bha luchd-ciùil nam meadhan-aoisean agus seinneadairean a' cluich agus a' seinn dha na bha a-staigh. Bha bratan-ghrèise crochte bho na ballachan agus coinnlean a' lasadh airson solas anns na caistealan air an oidhche.

Bha beatha anns a' chaisteal na b' fheàrr na beatha luchd-tuatha ach glè thric bha droch fhàileadh ann. Bha  coin a' falbh air feadh nan tallaichean anns a' chaisteal, ag ithe nan criomag a thuiteadh bhon bhòrd agus 's e tollan fosgailte bha anns na taighean-beaga - 's e ‘garderobes’ a chanadh iad riutha - tuill-sgudail fosgailte no a bha e air am falamhachadh air taobh a-muigh ballachan a' chaisteil.


  • dealbh de Caisteal Caerlaverock air a thogail bhon adhar
  • dealbh de na h-uinneagan taobh a-staigh caisteal Doune

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

'S e ‘La Seste Estampie Real’ pìos gun urra bho sgrìobhainn 13mh linn Frangach ‘Chansonnier du Roi’. Thathar ga chluiche an seo air a’ chlàrsaich, reacòrdar-teanoir agus druma-cèise. Is dòcha gun robh na h-earrannan ciùil a rèir ghluasadan dannsa.