Scotlands History

Rèibhearan nan Crìochan

B' iad Rèibhearan nan Crìochan buidhnean de mharcaichean a bha a' ruagadh nam pàirtean sin de Shasainn agus Alba a ruigeadh duine air muin eich bhon chrìoch eadar an dà rìoghachd ann an aon latha bho mu 1300 gu mu 1600. Bha na rèibhearan a’ goid crodh, caoraich agus eich, is ghabhadh iad airgead airson a dhol a shabaid mar shaighdearan-amhaisg.

Bha buidhnean de rèibhearan air an cuir air dòigh a rèir theaghlaichean agus chinnidhean - bha co-fharpais agus nàimhdeas eadar theaghlaichean nan Crìochan nan adhbhar air ruagadh.

Bha caochladh riaghailtean agus chòirichean air an cumail le na cinnidhean agus air an ceadachadh leothasan a bha a' riaghladh. Bha cleachdadh an sin ris an canadh iad “Hot Trod” a bha ag ràdh gu faodadh dìoghaltas bhith air a dhèanamh cho fad 's gu robh sin luath (ro cheann 6 làithean) agus fuaimneach agus soilleir. Nam biodh a' chùis air a fàgail na b' fhaide dh'fheumte cead oifigeil a shireadh.


  • Rèibhearan nan Crìochan

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.