Scotlands History

Am Bàs Dubh

'S e am Bàs Dubh an galair bu mharbhtaich anns na Meadhan-aoisean. 'S dòcha gun do mharbh e faisg air leth nan daoine anns an Roinn Eòrpa. Cha b' urrainn dotairean anns na Meadhan-aoisean càil a dhèanamh na aghaidh.

Thòisich am Bàs Dubh ann an Sasainn agus bha na h-Albannaich ag ràdh ‘gun do thachair seo air sgàth gun robh làmh Dhè orra ann an dìoghaltas’. Chanadh iad gur e ‘galair gràineil Shasainn’ a bha ann. Bha dùil aig na h-Albannaich cothrom a ghabhail air a' chùis le ionnsaigh a thoirt air Sasainn nuair a thigeadh am Bàs Dubh tuath air na crìochan.

Ann an 1350, bha galair mòr agus bàs am measg nan daoine ann an Alba, agus bha an galair seo a' sgaoileadh airson iomadh bliadhna ro, agus às dèidh sin ann an iomadh pàirt den t-saoghal.

Scotichronicon, John of Fordun 

Thug am Bàs Dubh buaidh mhòr air beatha anns na meadhan-aoisean. Bha daoine a' cur an aghaidh an òrduigh bha air cùisean aig an àm agus bha luchd-tuatha gu h-obann ag iarraidh gum biodh iad air am pàigheadh na b' fheàrr airson an cuid obrach. Bha ìomhaighean de ‘Danse Macabre - Dannsa a' Bhàis’ - rim faicinn ann an eaglaisean agus ann an àrd-eaglaisean, a' cur an cuimhne gach duine, beartach agus bochd, gun robh bàs agus breitheanas air thoiseach orra.

A' chiad rud a chitheadh duine air an robh an galair 's e cnapan air an loch-bhlèin no san achlais. Às dèidh sin bha spotan dubha a' tighinn air na gàirdeanan agus air na sliasaidean agus air pàirtean eile den chorp. 'S e glè bheag nach robh a' bàsachadh. Bha a' mhòr-chuid a' bàsachadh an ceann trì làithean, mar bu trice gun fhiabhras sam bith.

Boccaccio, Florence, 1348


  • Duine uaine marbh, blacader aisle, Glasgow Cathedral

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.