English
Fhuair e an t-ainm Thorfinn Sigurdsson, An Cumhachdach, is dòcha, air sgàth gun robh e uabhasach mòr agus làidir. Nuair a bha a chumhachd aig a h-àirde bha smachd aige air Arcaibh agus Sealtainn, Gallaibh, Cataibh agus Innse Gall gu lèir.
Bha ceathrar chloinne eile a bharrachd air fhèin san teaghlach, agus chaidh Thorfinn a thogail le sheanair air taobh a mhàthar, Calum II, Rìgh na h-Alba. Nuair a chaochail athair ann an 1014, rinn bràithrean Thorfinn roinn air Arcaibh agus Sealtainn eatorra agus chuir Calum suas Thorfinn mar riaghladair air Gallaibh agus Cataibh, le comhairlichean Albannach a' riaghladh dha.
Rinn Iarla Thorfinn ceannard mòr dheth fhèin. Bha e air leth àrd agus làidir, grànnda, le falt dubh, gnùis bhiorach, sròin mhòr agus le malannan gruamach. Bha e cumhachdach ann an cogadh agus bha e airson gu faigheadh e airgead agus onair. Bha e fortanach ann am blàr agus sgileil ann an cogadh.
Mòr-sgeul Arcaibh.
Phòs Thorfinn Ingebjorg, ban-iarla Arcaibh. 'S e Pòl a bha air a’ mhac bu shine aca, ainm Crìosdail. Tha mòr-sgeul Arcaibh ag innse dhuinn gun do shàbhail Thorfinn a bhean às an taigh aca nuair bha e a' dol na theine. Bhris e tro bhalla fiodh agus thug e i a-mach às an teine.
Chaochail Thorfinn, An Cumhachdach tràth ann am meadhan nan 1060an. Chaidh a thiodhlacadh ri taobh Eaglais an Naoimh Mhais aig Biorsaigh air mòr-thìr Arcaibh.
Faigh a-mach mar a rinn Thorfinn a bha gruamach, mosach agus coganta cùmhnant ri a bhràithrean gu bhith na Iarla air Arcaibh.
Faic dealbhan de làraich thuineachaidhean Lochlannach ann an Arcaibh.
Ionnsaich mar a tha na sgeulachdan seo mu bhlàir, draoidheachd agus murt a’ toirt sealladh dhuinn mu bheatha Lochlannach ann an Arcaibh.
Find us on