English
'S e Leabhar Dhèir sgrìobhainn cho cudthromach sa bhuineas do dh'Alba. 'S e leabhar-soisgeil beag air a shoillseachadh a tha ann 's tha e ann an Leabharlann Oilthigh Chambridge. Aig an toiseach is ann le seann mhanachainn bho linn Choluim Chille a bha e aig Seann Dhèir ann an Siorrachd Obar Dheadhain, agus 's e an aon rud a tha air fhàgail mar fhianais air gu robh a leithid de mhanachainn ann.
Tha teacsan Laideann de na Soisgeulan ann an Leabhar Dhèir agus nas cudthromaich (bho thaobh nan Albannach) tha teacsan Gàidhlig ann cuideachd. Bha na teacsan Gàidhlig air an sgrìobhadh le dithis no thriùir de sgrìobhaichean eadar-dhealaichte agus tha mòran air innse dhuinn annta mu bheatha air a' Ghaidhealtachd agus mu na rùintean a bha aig pearsachan-eaglaise aig Dèir.
Rannsaich am pròiseact seo agus faigh sealladh air beatha chultarach is shòisealta nan Cruithneach san 10mh linn.
Find us on