English
Bha Somhairle na cheannard air na h-Eileanan anns an 12mh linn. Bha Somhairle, a' ciallachadh ‘fear-turuis an t-samhraidh’ ainm a bha cumanta aig na Lochlannaich. Thòisich Somhairle na fhear-riaghlaidh air Ceann Tìre agus ann an 1140 phòs e Raghnailt, nighean Olaif, Rìgh Mhanainn agus nan Eilean.
Ann an 1153 chaochail Daibhidh I Alba agus Olaf Mhanainn. Cha robh spèis aig daoine dha Godred II Olafsson, rìgh ùr Mhanainn.Bha Somhairle air ceann ar-a-mach an aghaidh Ghodreid. Bha e air ceann cabhlaich le còrr air caogad bàta-cogaidh na aghaidh. Theich Godred gu Nirribhidh agus rinneadh Somhairle na Rìgh air Manainn agus air na h-Eileanan.
Aig an àm sin thàinig na Gàidheil agus na Lochlannaich gu bhith fo aon thighearna agus le sin bha an aon chultar aca. Thugadh an t-ainm Gall-Ghàidheil orra.
Shuidhich Somhairle Abaid Shadeil ann an 1164. Chaidh a mharbhadh ann am blàr aig Rinn Friù an aghaidh Rìgh Calum IV. B' e sliochd Shomhairle a bh' ann an Tighearnan nan Eilean, agus b' e Aonghas Òg Ìle aon dhiubh a bha ann an cath còmhla ri Raibeart am Brusach.
Ionnsaich mu smachd nan Tighearna air cheannas nan Lochlannach air na h-eileanan agus mar a chrìon an cumhachd an ceann trì linntean.
Find us on