Scotlands History

Airgead a’ soirbheachadh

Airson ceud bliadhna, eadar 1125 agus 1225 b' e an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, am prìomh àite anns an t-saoghal airson rudan a dhèanamh de airgead. Bha na h-Àrd Eaglaisean Mòra Gothic anns an Fhraing agus Saighdearan na Croise anns an Dùthaich Naoimh air am pàigheadh le airgead bha air a lorg anns an Roinn Eòrpa. Bha mèinnichean ann an Cumberland, Northumberland agus Durham aig cridhe obair an airgid anns an Roinn Eòrpa.

Às dèidh dha Rìgh Eanraig I Shasainn bàsachadh, Daidhidh I Alba taice dhan tagradh aig a' Bhan-ìompaire Matilda an aghaidh Rìgh Stephan a bha air rìgh-chathair Shasainn a ghlacadh dha fhèin. Mhèarrs Daibhidh I deas gu Sasainn agus ghlac e beagan de chaistealan Sasannach mar Carluel, a chleachd e mar stèidh rìoghail. Ghlac e fearann ann an Cumbria far an robh mèinnichean-airgid. Mar a bha Daibhidh a' faighinn smachd air Cumberland, Northumbria agus Westmoreland, bha soirbhachadh obair an airgid na bhuannachd do na h-Albannaich.

Mar a shoirbhich leis an airgead b' urrainn dha Rìgh Daibhidh I (a bha às dèidh sin air ainmeachadh mar fhìor naomh airson a' chrùin) airgead mòr a chaitheamh airson gum biodh abaidean agus eaglaisean air an stèidheachadh, mar a thug e òrdughan manachail agus òrdughan cogaidh leis a dh'Alba. Bha borghan na h-Alba a' toirt a-steach bathar agus beartas à tìrean fada air falbh. An ceann ùine fhuair Eanraig II air-ais na siorrachdan ann an Sasainn.


  • dealbh de bonn airgead bho rìoghachadh Daibhidh I

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.