Scotlands History

Banrigh Mairead (1045-1093)

'S e piuthar Edgar Aethling a bha ann am Mairead. Choinnich i ris an fhear a bha i a' dol a phòsadh, Calum III nuair a thàinig i fhèin agus a teaghlach airson gu faigheadh iad teàrmann ann an Alba ann an 1068. Bha sianar mhac aice agus dithis nighean, Eideard, Edmund, Etelred, Edgar, Alasdair, Daidhidh, Edith agus Màiri.

Cha robh ainmean traidiseanta Gàidhlig air a' chloinn aice. Cuideachd thug Mairead cuireadh dha manaich Bhenedictine a thighinn gu Alba. Bhathar ag ràdh gur ann leatha a bha pàirt den Fhìor Chrois agus de Chrois Dhubh na h-Alba.

Bha i mu-thràth tinn nuair a chuala i gun do chaochail an duine aice agus a mac bu shine, agus trì latha an dèidh sin, chaochail i fhèin air 19 Samhain 1093. Chaidh a tiodhlacadh ann an Abaid Dhùin Phàrlain.

Rinn am Pàp Innocent IV naomh dhith ann an 1250 air sgàth gun do rinn i obair mhòr ann an diadhachd agus ann an carthannas.

An dèidh sin bha a ceann na chuimhneachan diadhaidh. Dh'iarr Màiri, Banrigh na h-Alba gum biodh a ceann air a thoirt thuice, ann an soitheach-diadhaidh airgid, airson faire a chumail oirre nuair a bha an leanabh aice ga bhreith ann an Caisteal Dhùn Èidinn.


  • dealbh den uinneig ann an eaglais Naomh Mairead

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.