Scotlands History

Òrdughan Manachail

Gu sìmplidh, 's e bha ann am manachainn àite far am biodh daoine a bha gan toirt fhèin thairis gu h-iomlan do dhiadhachd a' fuireach. Dh'fhaodadh bothan sìmplidh a bhith na mhanachainn le aon aonaran a'   fuireach ann, no àireamh mhòr de thogalaichean le òrdugh mòr de mhanaich ann. Mar bu trice bha riaghailtean gu math cruaidh aig na manachainnean a thaobh cò a b'urrainn bhith annta agus dè mar a bhiodh na daoine beò annta. Mar bu trice dh'fheumadh na daoine bha a' fuireach annta dealachadh ri nithean pearsanta a bhuineadh dhaibh. 

Bha òrdughan manachail ainmeil ann mar na Benedictines, na Cistercians agus na h-Augustinians. Bha na h-ainmean a rèir cò an naomh ris an ceangaileadh iad iad fhèin.

Thug mac Banrigh Mairead, Daibhidh I, mòran de dh'òrdughan manachail gu Alba. Thuirt Alfred à Rievaulx mu Dhaibhidh:

... nuair a thòisich e a' riaghladh bha e gu dìcheallach a' dèanamh nan rudan sin a bhuineas do Dhia, eaglaisean gan togail agus manachainnean gan stèidheachadh, don tugadh e nithean agus beartas a rèir am feumalachdan.

Thog na h-òrdughan manachail abaidean iongantach air feadh Alba bho Abaid Eilean Idhe, Abaid Chridhe Mhilis, Abaid Dhùin Phàrlain gu Abaid Thaigh an Roid, Abaid Dhèir, agus Abaid Ghlinn Luis. Aig na Crìochan bha abaidean mar Abaid Dhryburgh, Abaid Dheideirt agus Abaid Mhaoil Ròis.


  • dealbh de manaich ag obair ann an garadh

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.