English
Bha Abaid Mhaoil Ròis air a suidheachadh ann an 1136 le manaich Cistercian mar a dh'iarr Daibhidh I orra. Tha cridhe spìosraichte Raibeart am Brusach air a tiodhlaiceadh aig Maol Ròis.
Bha taobh an ear Abaid Mhaoil Ròis air a chrìochnachadh ann an 1146, le taighean eile air an cur ris rè an ath chaoghad bliadhna. Thug Eideard I, Fear Bualadair nan Albannach, ionnsaigh air Abaid Mhaoil Ròis ann an 1300 agus 1307. Chreach agus thruaill a mhac bha na rìgh às a dhèidh an abaid ann an 1322. Le cuideachadh bho Raibeart am Brusach, chaidh a togail a-rithist.
Bha uallach na h-Abaid air Aba Mhaoil Ròis. Bhiodh e a' stiùireadh nam manach ann an ùrnuigh 's ann an seinn agus bha e a' dèanamh cinnteach gu robh na manaich nam beatha a' leantainn gach riaghailt chruaidh a bha aig an Òrdugh Cistercian. Rinn malairt na clòimhe manaich Mhaoil Ròis beartach. Bha treud de 15,000 caora aca; aon de na treudan bu mhotha ann am Breatainn. Bha clòimh bho na Crìochan air a reic ann am Flanders san Roinn Eòrpa.
Ann an 1996 chaidh ciste luaidhe air an robh cumadh mar chòn a lorg aig Maol Ròis agus innte bha cridhe duine air a spìosradh. Chaidh rannsachadh a dhèanamh oirre le eòlaichean agus a h-ath-thiodhlacadh an uair sin.
Tha cuid a' creidsinn gur e cridhe aig Raibeart am Brusach a tha ann. Chaidh an cridhe aig Raibeart am Brusach a ghiùlan leis an Ridire Dùbhghlas ann an ciste le cruan airgid.
Find us on