Scotlands History

Calum Ceannmòr (a chaochail 1093)

Fhuair am mac bu shine aig Rìgh Donnchadh I, Calum III, am farainm “Canmore” a tha a' ciallachadh ceann mòr no amhaich fhada, a rèir cò ris a ghabhar. Chan eil e soilleir cuin a rugadh e ach bha e a' riaghladh mar Rìgh na h-Alba bho 1058 gus na chaochail e ann an 1093.

As dèidh do athair bàsachadh, bha Calum agus a bhràthair a b' òige Dòmhnall Bàn, air an cur air falbh airson gum biodh iad sàbhailte. Tha aon sgeulachd ann a tha ag ràdh gun do dh'fhàs Calum suas ann an cùirt Shasannaich Eideird, am Fear-Aidich agus sgeulachd eile ag innse gun tug am màthair an dithis mhac gu Cùirt Thorfinn Sigurdsson.

Phòs Calum, Ingebjorg, Ban-Iarla Arcaibh, an nighean aig Finn Arnesson. Choisinn seo sìth dha ann an taobh tuath agus taobh siar Alba. Bha mac aca, Donnchadh II, a bha na rìgh às dèidh làimh. 'S dòcha gun do chaochail Ingebjorg cho tràth ri 1058.

Ann an 1068 thug Calum teàrmann dha fògarraich Shasannach a leithid Edgar Aethling agus a phiuthar Mairead, a phòs e às dèidh sin. Bhiodh Mairead fhathast na Naomh Mairead na h-Alba. Bha sianar mhac agus dithis nighean aca: Eideard, Edmund, Etelred, Edgar, Alasdair, Daibhidh, Edith agus Màiri.

Ann an 1072 thug Calum seachad a mhac bu shine Donnchadh dha Uilleam an Normanach agus ghabh e ri ùghdarras. Bhiodh seo tric a' tachairt mar dhòigh air sìth a chumail. Chaidh Calum a mharbhadh ann am Blàr Aileanbhaig anns an t-Samhainn 1093. Chuir Alasdair I a chorp ann an Abaid Dhùin Phàrlain ri taobh corp a mhnatha, Mairead.


  • dealbh a' sealtainn bonn airgid bho rìoghachadh Calum IV (Calum Ceannmòr)

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.