English
Bha MacBheatha, air an robh am farainm an Rìgh Dearg, na Rìgh air Alba bho 1040 (nuair a chaochail Donnchadh I) gus na chaochail e fhèin ann an 1057. B' e athair Findleach à Moireibh. Nuair a chaidh a cho-ogha Gille Coemgain a mharbhadh, phòs MacBheatha a bhanntrach aige, Gruoch, agus dh'uchd-mhachdaich e a mhac mar dhalta.
Ann an 1052 bha MacBheatha air a thoirt a-steach dhan t-strì eadar Goduin, Iarla Wessex, agus Eideard am Fear Aidich nuair a ghabh e buidheann de fhògarraich Normanach dhan a' chùirt aige.
Thug Siward, Iarla Northumbria, ionnsaigh air le mòran shaighdearan, agus fhuair e às beò, ann an 1054. Mu dheireadh chaidh MacBheatha a mharbhadh an ceann a tuath a’ Mhounth ann an 1057, an dèidh tarraing air ais agus an t-sabaid mu dheireadh a dhèanamh aig Blàr Lumphanain.
An dèidh làimh fhuair MacBheatha droch ainm mar fhear a bha a' cumail a' chrùin gun chòir. Fhuair e cliù a leanadh beò bho Uilleam Shkespeare anns an dealbh-cluich ‘Cùis-mhulaid MhicBheatha’.
Leugh mu dheidhinn agus faic dealbh de Caisteal MhicBheatha. Thainig an dealbh à leabhar 3 de 'Transactions of the Society of the Antiquaries of Scotland' o 1831.
Leugh an cunntas-beatha goirid seo bhon BhBC mun duine eachdraidheil MacBheatha, Rìgh na h-Alba fad 14 bliadhna.
Find us on