English
'S e tha ann an òrdugh cogaidh manachail buidheann dhiadhaidh a bhios a' dìon a' Chreideimh Chrìosdail le armachd. 'S e Ridirean Themplairean agus Ridirean Ospadaillearan na dhà as ainmeile dhiubh sin, a thòisich le chèile ann an Ierusalem ann an 1119.
Bha trèanadh airson cogadh agus adhradh anns na h-òrdughan cogaidh. Bha uallach air na manachainnean airson gum biodh rathaidean nan Crìosdaidhean air an dìon agus air sgàth sin bha òrdughan cogaidh air an dèanamh.
Ann an Alba thug Daibhidh I fearann dha Ridirean Themplairean agus dha Ridirean Ospadaillearan. Thug Daibhidh cuireadh dha na h-Ospadaillearan ann an 1132 a thighinn gu Alba. Fhuair iad còir-sgrìobhte prìomh-àite a thogail - “Preseptoraidh” - aig Tòrfichen ann an 1140. Thug Daibhidh dha na Templairean fearann-tighearna agus sgìre-seapail Bhaileantradoch (sin Baile an Teampaill ann am meadhan Lodainn) ann an 1153.
A rèir Aelreid, Maighstir an Taighe ann an cùirt Dhaibhidh I agus an dèidh sin Aba Rievaulx, bha Rìgh Daibhidh 1:
...ga chur fhèin an cùram stìuireadh nam manach. Faisg air bha na bràithrean uasal a bhuineadh dhan bhuidheann òrdugh-cogaidh Teampaill Ierusalem. A latha 's a dh’oidhche b' iad sin bha ga stiùireadh ann am moraltachd.
Chaidh na Templairean a chur an grèim ann an 1307. Chaidh grèim a ghabhail air na togalaichean agus air a' bheartas aca. Ann an Alba chaidh na Templairean an toirt gu cùirt aig Taigh an Roid ann an 1309. Nuair a chaidh an t-òrdugh ma sgaoil chaidh am fearann agus na bhuineadh dha na Templairean an toirt dha na Ridirean Ospadaillearan.
Ionnsaich mu Ridirean na rìoghachd agus na dòighean ’s am biodh iad a’ dìon eilthirich air an slighe gu Ierusalem agus crìochan na dachaigh.
Faic dealbhan de Eaglais an Teampaill no ‘Church Of The Knights Templars Of Balantrodach’ a thathar ag ràdh a stèidhich Daibhidh I mu 1309.
Ionnsaich tuilleadh mu na togalaichean co-cheangailte ri ‘Knights Templar’ tro dhealbhan dreach-thìreil agus tro fhiosrachadh mu Thorpichen.
Find us on