English
Bha daingneach aig Dhàil Riata aig Dùn Athad furasta ionnsaigh a thoirt oirre le na Lochlannaich agus le sin ghluais am prìomh-bhaile rìoghail gu Fothair Tabhaicht, faisg air Peairt. Ann an 839 chaidh Rìgh Uen, mac Aonghais à Fortriu a mharbhadh le na Lochlannaich, agus thòisich Coinneach MacAilpein air strì fhada airson gu faigheadh e an rìgh-chathair.
Thathar den bheachd gun do rinneadh Coinneach na Rìgh air na Cruithnich ann an c 847. Thathar ag ràdh gur e bana-phrionnsa Chruithnich a bha ann am màthair Choinnich. Neartaich sin an t-iarrtas aige airson a bhith na rìgh air na Cruithnich.
Chaochail Coinneach ann an Fothair Tabhaicht agus bha e air a thiodhlaiceadh air Eilean Idhe ann an 858. Dh'fhàg e co-dhiù dithis nighean, Mael agus Màiri, agus co-dhiù dithis mhac, Constantine agus Aeg.
Mar a bha na Lochlannaich a' tuineachadh air an taobh siar thòisich Gàidheil Dhàil Riata agus na Cruithnich air rìoghachd ùr a dhèanamh. Sin Rìoghachd na h-Alba a' tòiseachadh.
San 9mh linn dh'òrdaich Coinneach MacAilpein gum b' e Dùn Chailleann prìomh làrach na h-Eaglaise Ceiltich. Faigh a-mach tuilleadh.
Lorg an fhìrinn mu Choinneach MacAilpein le stòrasan eachdraidh BBC Alba. Seall ri criomagan bhidio agus leugh an artaigeal a tha nan cois airson co-dhùnadh na dh’aonaich e Alba, na ruaig e luchd-ionnsaigh Lochlannach agus na shàbhail e Alba bho dhìteadh. Rèitich fìrinn bho mhiotas is bho fhionnsgeul.
Dèan sgrùdadh air cunntas-làraich ‘Dupplin Cross’ far a bheilear ag ràdh a bha Blàr Dhuplain. Lorg tro ìomhaighean ditseatach, sgrìobhainnean agus notaichean arc-eòlach.
Find us on