English
B' e Daibhidh, an siathamh mac aig Calum Ceannmòr agus Banrigh Mairead. Bha e a' riaghladh bho 1124 gus na chaochail e. Thòisich e a' riaghladh nuair a ghlac e rìgh-chathair na h-Alba (le taic bho Eanraig I Shasainn) às dèidh dha bhràthair Alasdair bàsachadh.
Tha Daidhidh ainmeil airson mar a thòisich e borghan agus manachainnean. Nuair a bha Daibhidh a' riaghladh rinn Alba gu math le airgead agus dh'fhàs an rìoghachd beartach. Chaith e uimhir de bheartas na rìoghachd air eaglaisean a thogail agus air a bhith a' toirt taic dha òrdughan diadhaidh ’s gun d'fhuair e an t-ainm ‘Ane Sair Sanct for the Crown’ – ‘Fìor Naomh airson a' Chrùin’.
Thug Daibhidh òrdughan diadhaidh mar na Cistercians agus na Ridirean Templar gu Alba, ach thàinig orra a stad bho dhol gu Cogaidhean na Croise. Leasaich e mar a bha Alba air a riaghladh agus thug e taic do Ridirean Frangach agus Frangach-Sasannach inn-imricheil.
Phòs e Matilda, Ban-iarla Huntingdon agus bha aon mhac aca, Eanraig, Iarla Northumbria.
Gu mì-fhortanach chaochail Eanraig ann an 1152, le, mar a bha iad a'smaoineachadh, tinneas a sheas uabhasach fada. Air sgàth gu robh e tinn, thàinig air Daibhidh, anns a' bhliadhna mu dheireadh air an rìgh-chathair, ogha ainmeachadh mar an ath rìgh.
Chaidh Daibhidh I a thiodhlacadh ann an Abaid Dhùin Phàrlain.
Ionnsaich ciamar a dh’ath-chruthaich Daibhidh I, ’s dòcha an rìgh Albannach a b’ ùr-ghathaichte a bh’ ann, an eaglais Albannach, ga dèanamh na bu choltaiche ri eaglaisean Eòrpach eile.
San stòras teagaisg seo tha planaichean leasain agus gnìomhan mu Chaisteal Dhùn Dhreanain, a shaoilear a chaidh a stèidheachadh le Daibhidh I.
Faigh a-mach mu bheatha Dhaibhidh I agus a smachd air ceann a tuath Bhreatainn.
Leugh tuilleadh mun Rìgh Daibhidh cràbhach agus mu a bhuaidh air Alba nuair bha e na rìgh.
Find us on