Scotlands History

Eaglais Dhailmheinidh

Ann am baile beag Dhailmheinidh, faisg air Queensferry a Deas, tha aon de na h-eaglaisean as slàine den stoidhle Ròmanach ann am Breatainn, Eaglais Dhailmheinidh a chaidh a thogail san 12mh linn.

Tha doras-aghaidh Normanach air leth brèagha air an eaglais. An sin tha bogha le clachan air an snaigheadh le biastanan iongantach, cinn ghrànnda agus ìomhaighean a bhuineas do speuradaireachd. Buinidh meadhan, pìos-àrd agus crois-àrd na h-eaglaise don 12mh linn.

Is iongantach mur deach tòiseachadh air an eaglais ann an 1160 le Gospatric III, Iarla Dhùin Bhàir. Bha a sheanair air teiche mar fhògarrach gu Alba bho Uilleam An Ceannsaiche.


  • dealbh den dòras aig eaglais Dhailmheinidh

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.