English
'S e ogha Choinnich MhicAilpein agus mac Aed a bha ann an Constantin agus rugadh e mu 878. Chaidh e air rìgh-chathair na h-Alba ann an 900 nuair a chaochail a cho-ogha Dòmhnall II.
Bha Constantin a' riaghladh bho 900 gu 943, nuair a leig e le Calum I, mac Dhòmhnaill II a bhith na rìgh. Anns na làithean sin 's e ùine glè fhada bha ann an ceathrad agus trì bliadhna airson a bhith air an rìgh-chathair. Cha robh ach Uilleam an Leòghann na b' fhaide air an rìgh-chathair (49 bliadhna) gus an robh Aonadh nan Crùn ann ann an 1603.
Tha fathannan agus deasbad gu leòr ann mu dheidhinn dè thachair nuair a bha Constantin II a' riaghladh. Tha a' mhòr-chuid a' gabhail ris guir ann nuair a bha e air an rìgh-chathair a ghluais a' chùis air adhart bho Rìoghachd Chruithnich gu Rìoghachd na h-Alba.
Chuir e stad air a' chunnart a bha a' tighinn bho na Lochlannaich le sìth a shireadh nuair a phòs an nighean aige Olaf Gudfridsson, Rìgh Lochlannach Bhaile Atha Cliath. Rinn Constantin II co-chòrdadh ri Olaf agus ri Breatannaich Shrath Chluaidh airson gum briseadh iad a-steach air Rìoghachd Aethalstein. Rinn Aethelstan a' chùis orra aig Blàr Bhrunainburh ann an 937. Chaill mac Chonstantin a bheatha anns a' bhlàr.
Leig Constantin seachad an crùn ann an 943 agus thòisich e air beatha mar mhanach ann an Cill Rìmhinn. Chaochail e agus chaidh a thiodhlacadh ann an Cill Rìmhinn ann an 952.
Bho bhith na ghille Cruithneach gu bith na phrionnsa Gàidhlig, lorg eachdraidh Chonstantine mar oighre dligheach a’ chrùin. Sònraich prìomh phuingean san riaghladh aige mar rìgh na h-Alba agus ionnsaich tuilleadh mu bhagradh ionnsaigh bho na Sasannaich, le stòrasan ‘BBC Scotland’s History’, sa bheil criomagan bhidio agus artaigeal.
Tha Alex Woolf ag innse mu chrìonadh Riaghladh nan Lochlannach, mu mar a dh’èirich Alba, an rìoghachd Ghàidhlig, agus mun chiad cheangal ri rìoghachd Shasainn, mar a nochd ‘Alba’ an toiseach. Cead bho ‘Google Books’.
Dèan coimeas is iomsgaradh eadar an t-Eadar-theangachadh Litireil san t-Seann Bheurla agus an t-Eadar-theangachadh aig Tennyson air 'The Battle of Brunanburh' san ‘Victorian Web’.
Find us on