English
'S e tha ann am borgh baile aig a bheil fèin-riaghladh. An-diugh chan eil ann am borgh ach tiotal deas-ghnàthach, ach nuair bha borghan air an stèidheachadh an toiseach bha còirichean agus cumhachdan sònraichte aca. Bha còir aca a bhith air an riochdachadh anns a' phàrlamaid agus bha a bhun-reachd fhèin no ‘sett’ aig gach fear dhiubh, a bha ag innse dè na cumhachdan bha am borgh air fhaighinn bhon rìgh agus dè na dleastanasan bha am borgh a' gealltainn a choileanadh.
Bha riaghailtean ann an Achd nam Borghan Rìoghail, 1183, ag innse dè an seòrsa structar bu chòir a bhith air comhairle agus dè mar bu chòir taghaidhean a bhith air an cuairteachadh. Bha na riaghailtean ceudna a’ buntainn ri gach borgh.
Stèidhich Daibhidh I a' chiad Bhorghan Rìoghail, a' tòiseachadh le Bearaig. Ann an 1130 bha barrachd bhorghan ann le Sruighlea, Dùn Phàrlain, Obar Dheadhain, Peairt, Sgàin agus Dùn Èideann san liosta.
Find us on