Scotlands History

Beatrix, Àrd-chailleach-dhubh Eilean Idhe

Chaidh Taigh nan Cailleachan-dubha air Eilean Idhe a shuidheachadh ann an 1203 mar Thaigh Chailleachan-dubha Augustinian. 'S e Beatrix, a' chiad phrìomh chailleach-dhubh air an Taigh (cuideachd air a h-ainmeachadh mar Bheatrice no mar Bheathag) nighean Shomhairle.

B' e Beathag, nighean Shomhairle, mac Ghillebrìde, Prìomh Chailleach-dhubh, an làn thiotal aice.

Bha Taigh nan Cailleachan-dubha air a stèidheachadh le Raghnall, Tighearna nan Eilean, aig an àm sin, agus thug e manaich Bhenedictine gu Eilean Idhe. Shuidhich Raghnall, mac Shomhairle, a phiuthar mar phrìomh chailleach-dhubh. Bha aodach dubh nan Augustinian air na cailleachan-dhubha agus le sin bha Taigh nan Cailleachan-dubha air aithnichte air an eilean mar ‘an eaglais dhubh’.

Thathar a' smaoineachadh gu robh Salmadair Eilean Idhe - leabhar brèagha air a shoillseachadh - air a dhèanamh mar theacsa diadhaidh dha Beatrix, Prìomh chailleach-dhubh Eilean Idhe. Bha an Salmadair, 's dòcha, air a dhèanamh le sgrìobhaichean ann an Ogsford agus tha sin a' sealltainn a' chliù a bha aig Tighearnan nan Eilean.

'S e Salmadair Eilean Idhe aon de ionmhasan Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Tha Alba Eachdraidheil a' sealltainn às dèidh làraich Taigh nan Cailleachan-dubha air Eilean Idhe aig oir Baile Mòr, port an eilein.


  • dealbh den duilleag Beatus bho Salmadair Eilean Idhe

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.