English
Bha Alasdair III a' riaghladh thairis air Alba bho 1249 gu 1286. Bha cùisean dòigheil eadar Alasdair III agus Sasainn agus le sin bha ùine ann a bha gu math sìtheil agus soirbheachail. Bha manachainnean agus abaidean a' meudachadh agus a' soirbheachadh agus bha malairt ris an Roinn Eòrpa a' toirt a-steach iomadh rud air an robh feum agus còmhla ri sin a' cuideachadh leis an eaconamaidh.
Air 2 Dàmhair, choinnich an t-arm aig Alasdair III ri arm Nirribhidh le Håcon Håconsson air a ceann aig Blàr na Leargaidh Ghallda.
Bha Ceann Tìre, Innse Gall agus Eilean Mhanainn air a bhith fo riaghladh rìghrean Nirribhidh bho thimcheall air 1100. Dh'fheuch na h-Albannaich ris na h-eileannan a cheannach ach cha deach leotha agus mu dheireadh dh'fheuch iad ris an Eilean Sgitheanach fhaighinn tro ainneart.
Sheòl Rìgh Håcon Håconsson le arm a bha gu math mòr airson a dhol a shabaid ris na h-Albannaich. Chaidh e còmhla ri rìghrean Mhanainn agus Innse Gall. Uile gu lèir, 's dòcha gu robh barrachd air 12,000 duine aca air bòrd còrr air 120 bàta.
Chaidh an cabhlach Nirrbhidheach a ghlacadh ann an stoirm agus b' fheudar do chòig longan-fada a thighinn gu tìr. Nuair a ràinig na daoine aig Rìgh Håcon tìr-mòr choinnich na h-Albannaich riutha le Alasdair III air an ceann. Chaidh muinntir Nirribhidh air ais chun na tràghad gus an tàinig bàta làn le luchd-taice. Chaidh na h-Albannaich air ais gu talamh àrd a' losgadh shaigheadan agus a’ tilgeil chlachan.
Cha robh e soilleir cò a bhuannaich Blàr na Leargaidh Ghallda ach b' fheudar do Rìgh Håcon a dhol air ais oir bha an geamhradh a' tighinn agus bha stuthan a dh'fheumadh iad a' fàs gann. Chaochail e ann an Arcaibh anns an Dùbhlachd 1263 agus fhuair Alasdair III cothrom briseadh a-steach air Innse Gall an ath bhliadhna.
Chaidh Cùmhnant Pheairt aontachadh ann an 1266 agus phàigh Alasdair III airson gum biodh e a' riaghladh thairis air Innse Gall agus Eilean Mhanainn. Ghlèidh Nirribhidh Arcaibh.
Ann an 1281 phòs nighean Alasdair III – Mairead, Bana-phrionnsa na h-Alba - Rìgh Eric II Nirribhidh. Rugadh nighean dhaibh, Mairead, Maighdeann Nirribhidh.
Chaochail Alasdair III aig Kinghorn ann an 1286.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Listen to 'Ex te lux oritur', an anonymous piece written to celebrate the marriage of Princess Margaret of Scotland and King Eric of Norway in 1281. Here it is played on harp, gemshorn, rebec (a very early form of violin) and temple bells.
Find us on