Scotlands History

Alasdair II (1198—1249)

B' e Alasdair II an aon mhac a bha aig Uilleam an Leòghann agus Ermengarde de Beaumont. Bha e a' riaghladh bho chaochail athair ann an 1214 gus na chaochail e fhèin ann an 1249. Chaidh càirdeas sìtheil ri Sasainn a neartachadh nuair a phòs Seonag piuthar Eanraig III Shasainn ann an 1221. (Bha i aon bliadhna deug a dh’aois.)

Bha Eanraig III ag iarraigh gun deigheadh ùmhlachd a thoirt dha, goirid às dèidh 1235. Fhreagair Alasdair II le iarrtas gu robh còir aige air na siorrachdan  ann an ceann a tuath Shasainn. Chaidh an aimhreit seo a rèiteach le Cùmhnant Iorc, ann an 1237, a bha a' soilleireachadh càite an robh a' chrìoch eadar an dà rìoghachd.

Chaochail Seonag ann an 1238 agus phòs Alasdair a-rithist an ath bhliadhna. Phòs e Màiri de Coucy agus bha aon mhac aca, Alasdair III.

Thàinig tinneas air Alasdair II air a shlighe gu Eòghann, Tighearna Earra Ghàidheal agus e a' dol a dh'iarraidh air an ceangal a bha aige ri Nirribhidh a bhriseadh. Chaochail e aig Cearrara ann an 1249 agus chaidh a thiodhlacadh aig Abaid Mhaoil Ròis.


   

  • dealbh de seula Alasdair II

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.