English
Anns a' bhliadhna 850, mar a bha na Lochlannaich a' maoidheadh, thàinig air Coinneach MacAilpein, na cuimhneachain aig an Naomh Colum Cille, a ghluasad bho Eilean Idhe gu Dùn Chailleann.
Às dèidh sin, mar a bha fèin-aithne ùr agus miotas nàiseanta air an cruthachadh dha na h-Albannaich, bhathar ag ràdh cuideachd gun do ghluais Coinneach Clach Sgàin bho Eilean Idhe gu Sgàin.
Bha a' chlach air a cleachdadh mar rìgh-chathair nuair a bhiodh crùnadh a' gabhail àite air Cnoc Mhuit, agus an dèidh sin anns an abaid aig Sgàin.
Mar sin shuidh Rìgh Alasdair III air an rìgh-chathair sin air a' chloich - far an robh na h-iarlan agus na h-uaislean air an glùinean, a' sgaoileadh an aodaich fo chasan, air beulaibh na cloiche.
A-nis, tha a'chlach air a cumail gu h-urramach anns a' mhanachainn sin airson gum bì rìghrean na h-Alba air an coisrigeadh. Cha b' urrainn rìgh sam bith riaghladh ann an Alba, mur biodh e an toiseach, an dèidh ainm an rìgh fhaighinn, air suidhe air a' chloich seo aig Sgàin. Bha na seann rìghrean air Sgàin a dhèanamh na phrìomh-bhaile air Alba.
Iain à Fordun, eachdraiche Albannach.
Ann an 1296 thug Rìgh Eideard I Shasainn ruaig air Abaid Sgàin agus thug e a' chlach gu Westminster. Dà bhliadhna an dèidh sin thug e ionnsaigh air an Abaid. Rinneadh Raibeart am Brusach na rìgh le Iseabal à Fìobha, ban-iarla Bhuchain, aig Sgàin air 25 Màrt 1306.
Rè an ath-leasachadh chaidh an Abaid a sgrios. Ann an 2007 chaidh an làrach aig Abaid Sgàin a lorg le arc-eòlaichean. Lorg iad ìomhaigh na h-Abaid le teicneòlas sònraichte a bha comasach air rudan a lorg anns an talamh. Ann an 2008 lorg arc-eòlaichean aig an Abaid far an robh daoine air an tiodhlacadh. Lorg iad trì cnàimhnich iomlan.
Lorg cunntasan-làraich ‘Boot Hill’, co-cheangailte ri seirbheisean crùnaidh a thachair aig Sgàin. Seall ri notaichean arc-eòlach, clòthan is dealbhan mun làraich.
Find us on