English
B' e sgrìobhadair ainmeil Albannach a bh' ann an Ualter Scott. Is ann airson nan nobhailean mìorbhaileach eachdraidheil as fheàrr a dh'aithnichear e. B' e Waverley a' chiad fhear (1814). Bha an ùidh mhòr a bh' aige anns na chaidh seachad de eachdraidh na h-Alba a' toirt air a bhith a' smaoineachadh gu robh Seudan na h-Alba a bha a dhìth o chionn fhada ann an Caisteal Dhùn Èidinn, agus chuir e air chois Coimisean airson an lorg.
Barrachd air 100 bliadhna ron seo ann an 1707, bha an t-Aonadh eadar Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Shasainn ag ràdh gu feumadh an Crùn, Claidheamh na Stàit’ agus an t-Slat-Shuaicheantas an-còmhnaidh fuireach ann an Alba. Ach gun fhios nach tigeadh na Seudan gu bhith a' samhlachadh fèin-riaghladh Albannach bha iad air an cur air falbh gu sàbhailte ann am bogsa-dìon ann an Rùm a' Chrùin ann an Caisteal Dhùn Èidinn - glaiste gu daingeann le dorsan trom dùbailte, agus bha an iuchair ‘air chall’ fad còrr air 100 bliadhna.
Ann an 1818 rinn Scott tagradh ri Prionnsa a' Chrùin cead a thoirt an rùm agus a' chiste fhosgladh. Paisgte ann an lion-aodaich an sin bha Seudan na h-Alba, sàbhailte gun mhilleadh.
Chan eil Seudan Crùin anns an Roinn-Eòrpa cho sean ri Seudan Crùin na h-Alba. An-diugh tha iad a-rithist rim faicinn ann an Rùm a' Chrùin, ann an Caisteal Dhùn Èidinn agus tha iad air an gleidheadh gu cùramach an sin.
Find us on