Scotlands History

Mèinn Bhictòria

Bha a' mhèinn àlainn-sa a bha cho sònraichte ann an linn Bhictòria air a h-ainmeachadh an-dèidh na Mnà Uasail Bhictòria a bha pòsta aige-san leis an robh a' mhèinn, Marcas Lodainn. Bha a' mhèinn mhìorbhaileach-sa suidhichte ann an Newtongrange, Meadhan Lodainn air iomall Dhùn Èidinn. Bha i na pàirt de dh’iompaireachd nam mèinnean aig Companaidh Guail Lodainn agus chaidh a fosgladh ann an 1890an.

Thàinig 40 millean tonna guail à mèinn na Mnà Uasail Bhictòria, agus bha dòighean ùra mar neartachadh le stàilinn anns a' mhèinn, dealan airson cumhachd agus solas, agus brùid de dh’einnsean-lùbaidh a' cuideachadh airson an obair-sa a dhèanamh. Mu dheireadh thall dhùin i ann an 1981.

A-nis is e Taigh Tasgaidh Mèinnearachd na h-Alba a th' ann am mèinn na Mnà-Uasail Bhictòria. Tha rathad fon talamh ann agus mèinn mar gum biodh, Ionad far am faigh duine air nithean a làimhseachadh agus far an cluinn duine Eachdraidh a' Ghuail agus Leabharlann làn stuthan fiosrachaidh mu eachdraidh gnìomhachas mèinnearachd a' ghuail ann an Alba.


  • dealbh dheth Mèinn Bhictòria

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.