English
Chaidh a' chiad dhrochaid Tatha a dhealbh le einnseanair rèile Tòmas Bouch (1822-80) a' cleachdadh iarann cruaidhichte agus iarann obraichte. Fhuair iad a-mach an-dèidh làimh gur e mearachd mhòr anns an dealbhachadh a bh' ann a bhith a' cleachdadh measgachadh de stuthan de ghnè eadar-dhealaichte: tha iarann cruaidhichte gu math bristeach ach tha iarann obraichte glè sheasmhach. Rinn an sgrùdadh mearachd ann a bhith a' tomhas doimhneachd na cloiche. Bha na colbhan air an dealbh a-rithist ach bha an àireamh air a lùghdachadh, agus bha iad pìos na b' fhaide o chèile.
Chaidh drochaid Tatha fhosgladh tràth ann an 1878, agus b' i an drochaid a b' fhaide anns an t-saoghal - dà mhìle de fhaid. Abair gun do ghiorraich seo fad an turais air trèana à Dùn Deagh a Lunnainn. Chleachd eadhon a' Bhanrigh Bhictòria an drochaid airson siubhal a Bhalmoral, agus chunnaic i gun deach urram ‘Rìdire’ a bhuileachadh air Tòmas Bouch.
Air an 28 an Dubhlachd 1879, bha gèile aig neart 10 no 11 a' sèideadh sìos beul na h-aibhne. Cha sheasadh an drochaid ri neart na gaoithe. Dhìobair pìos dhith agus chaidh trèana a' giùlain luchd-siubhail a dh’uisgeachan reòite Abhainn Tatha; chaidh 75 duine, na bha air bòrd, a bhàthadh. Fhuair iad an einnsean (àireamh 224) an-dèidh seo, chaidh a chàradh agus lean e air ag obair gu 1919.
An-dèidh seo dh’ath-dhealbh Sir Uilleam Arrol, a dhealbh Drochaid rèile Abhainn Fhoirthe, Drochaid Tatha gu bhith na bu làidir a' cleachdadh stàilinn airson na h-obrach. Tha daoine fhathast ga cleachdadh.
Find us on