Scotlands History

Tartan/Breacan

B' e Sir Ualter Scott a bha mar mheadhan air a bhith a' cur air dòigh tadhal rìoghail an Rìgh Seòras IV a dh’Alba ann an 1822. Rùnaich Comann na Gàidhealtachd seo a bhith na àm airson na àm glèiteachd a bhrosnachadh agus a dh’altram an cultair altram. B' e buaidh Scott a bha na mheadhan air gun do dh’fhàs daoine cho dèidheil air an tartan; b' e cuspair an nobhail, Waverley (fo-thiotal ‘Na seasgad bliadhna bhon sin’) ar-a-mach nan Seumasach 1745-6 agus mar a bha dà chultar beò ann an aon rìoghachd. An dèidh don ar-a-mach fàilneachadh chaidh an t-aodach ioma-dhathach a thoirmeag mar èideadh eadar 1747 agus 1782.

Ann an 1822 thug Sir Walter Scott air an Rìgh nochdadh ann an Dùn Èideann ann an Èideadh Gàidhealach - le stocainnean pinc fodha. Mar seo bha tartan a' faighinn àite a-rithist agus bha am breacan a-nis mar thrusgan nàiseanta, agus daoine dèidheil air, nam measg an Teaghlach Rìoghail, am Prionnsa Albert an dèidh seo - esan a bha pòsta aig a' Bhanrigh Bhictòria.

Chan e tartan chinneadh tuilleadh a th' ann a-mhàin. Tha deilbh dèante air coimpiutar a-nis ann airson gach àm agus gach buidheann sònraichte a chomharrachadh. Chì sinn tartan air mìltean de ghnothaichean Albannach bho thinichean aran-goirid, scarfaichean tartan agus bonaidean do dholaichean plastaig gu coilearan chon Scottie. Chan eil riaghladh laghail ann, a bharrachd air clàr agus cha leig duine a leas na stocainnean pinc a chur air/oirre.


  • dealbh aoireil de Seoras IV - 'The First Laird in Aw Scotia'
  • dealbh de John Sobieski Stolberg-Stuart

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.