English
Aig deireadh na 1700an, bha cotan a bha na bu bhuige agus na bu mhìne agus a bha na bu shaoire a dhèanamh a' faighinn an àite a bh' aig lìon-aodach. Bha muilnean a bha a' faighinn cumhachd bhon uisge air an togail ann an Catrion', Blantyre, Lannraig Nuadh, Dean, Balfron agus ann an Stanley (faisg air Peairt). Bha seo an àite a bhith a' snìomh anns an dachaigh air beartan-làimhe.
Cha b' fhada gus an deach beartan-làimhe aig an taigh a-mach à bith. Mu 1820an b' iad na fir a bha a' snìomh a' chotain (na fir aig an robh neart a laimhsicheadh na h-innealan trom) a bha a' dèanamh deagh chosnadh le bhith a' tòiseachadh air aonaidhean.
Bha muilnean Stanley do Pheart mar a bha Lannraig Nuadh air Taobh Tatha. B' e muileann a bh' ann a chaidh a thogail a dh' aon ghnothach, le àitean-fuirich, sgoil, bùthan agus goireasan eile do luchd-obrach na muilne. Anns an 19mh linn bha am baile beag-sa a' toirt obair do 1200 duine.
Find us on