Scotlands History

A’ togail carragh-cuimhne Scott

An-dèidh bàs Sir Ualter Scott ann an 1832 rinn na Bhictòrianaich an àirde an inntinn gun togadh iad carragh-cuimhne maireannach don ùghdar ainmeil Albannach air Gàrraidhean Sràid a' Phrionnsa ann an Dùn Èideann. Chaidh bun-stèidh carragh-cuimhne Scott a chur sìos air 5mh Lùnastal 1840.

Chaidh co-fharpais a chumail airson an càrragh-cuimhne ùr a dhealbh. Bha am fear a bhuannaich a' cho-fharpais air John Morvo a thoirt air fhèin, mar ainm-brèige. B' e saor a bh' ann agus b' e an t-ailtire fèin-ionnsaichte Seòras Meikle Kemp a bh' ann. B' e ailtire anns na meadhan aoisean a bh' ann am Morvo agus bha e air a bhith ag obair air Abaid a' Mhaoil Rois.

B' e ailtireachd mhìorbhaileach Ghotach Eaglais Rosslyn a bhrosnaich e an toiseach nuair a bha e na bhalach 10 bliadhna a dh'aois. Bha an dealbhachadh a rinn e air Charragh-cuimhne Scott stèidhichte air ailtireachd Ghotach nam Meadhan Aoisean aig Rosslyn agus Maoil Rois a bha Sir Ualter Scott fhèin air a cho-cheangal ri Taigh Abbotsford.

Chaidh ìomhaigh mhòr mhàrmor de Sir Ualter Scott a chruthachadh le gràbhalaiche Iain Steel. Chaidh seasgad 's a ceithir ìomhaigh de charactaran à obraichean Scott a shuidheachadh aig oiseanan camagach  na h-ìomhaigh timcheall a’ charragh-cuimhne.

Bhàsaich Seòras Meikle Kemp ann an tubaist mìos no dhà mus deach crìoch a chur air Carragh-cuimhne Scott. Chaidh Carragh-cuimhne Scott fhoillseachadh gu h-oifigeil air 15mh Lùnastal 1846.


  • Dealbh a' sealltainn togail carragh-cuimhne Scott

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.