Scotlands History

Lannraig Nuadh

Le cumhachd bho Abhainn Chluaidh dh’fhàs muilnean a' chotain gu bhith air thoiseach air obraichean eile mar iomairt-gnìomhachais na linne. B' ann à dachaighean do dhìlleachdain ann an Dùn Èideann a thàinig an luchd-obrach. Bha Albannaich ann cuideachd a bha a' fàgail na dùthcha air an slighe a dh' Ameireaga agus dha na colonaidhean.

Ann an 1793 bha 1100 neach a' faighinn cosnadh anns na muilnean, far am biodh iad a' dèanamh an aodaich, ann am bùthan, ann an sgoiltean - cha mhòr nach e clann a bh' ann an 800 duine dhiubh sin oir dh’fheumadh iad òrdagan beaga sùbailte. Bha an luchd-obrach a' faighinn dachaigh, bha dìlleachdain air an deagh bhiadhadh, taing do bheachdan adhartach an fhir leis an robh a' mhuileann, Daibhidh Dale, bancair à Glaschu, agus fear-tionnsgain, no mar a chanas sinn ‘entrepreneur’.

Ann an 1800 chaidh Lannraig Nuadh a reic ri Ràibeart Owen, a bha pòsta aig nighean le Dale. Lean esan air leis an leasachadh sòisealta.

Dh’àrdaich Ràibeart Owen an aois sam faodadh duine a bhith ag obair anns a' mhuileann bho 6 gu 12. Bha goireasan aige anns an àite airson cùram chloinne nuair a bha am màthraichean ag obair. Chuir e air chois siostam a thaobh maith nan daoine, agus theagaisg e ceòl, seinn agus dannsa don chloinn.

Ann an 1824 fhuair Owen cuireadh iomairt coltach ri seo a chur air chois ann an Ameireaga. Bha Dale agus Owen bliadhnaichean air thoiseach air an linn aca a thaobh a bhith a' coimhead an dèidh math an luchd-obrach.


  • Lannraig Nuadh

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.