English
Is e croitear fear aig a bheil croit air mhàl. Is e coitear fear-fuirich a tha ag obair air a' chroit agus a tha a' fuireach ann am bothan air a' chroit.
Gu 1880 b' e an dìleab a dh’fhàg na Fuadaichean aig croitearan nach robh uiread de thalamh ann mar a bha na caoraich ag ionaltradh; bha cuid de thalamh eile na fhrìthean do dh’fhèidh agus bha croitean bàn seach nach robh gu leòr de bith-beò ri dhèanamh asta. Aig deireadh 1881 rinn buidheann de chroitearan às a' Bhràighe san Eilean Sgìtheanach seasamh làidir an aghaidh màl a dhol an àirde agus an aghaidh dìth chòirichean ionaltraidh. Cha do phàigh iad màl gus an d' fhuair iad an còirichean air ais, agus ri linn seo fhuair iad fios gu feumadh iad an dachaighean fhàgail.
Ann an 1882 aig Blàr na Bràighe bha cnapan-starra air an suidheachadh agus rinn an sluagh gearain gu poblach, agus b' fheudar dhaibh a bhith air an sìtheachadh le saighdearan agus bàta-gunnaireachd. Ach cha do chaill duine am beatha agus bha na croitearan air sealltainn gu soilleir dè an rùn a bh' aca.
Ann an 1883 chaidh Coimisean a chur air chois le Lord Napier os a chionn agus thug iadsan fa-near gu robh fìor chruaidh-chàs anns a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Bho Choimisean Napier thàinig Achd nan Croitearan 1886. Chuir seo air chois Coimisean nan Croitear a bhiodh mar urras air màl coltach, còir-fearainn tèarainte, agus cuideachadh airgid airson leasachaidhean a dhèanadh duine air talamh sam bith. B' e ‘Magna Carta na Gàidhealtachd’ a bh' air. Mu dheireadh thall thug e àite don t-siostam sònraichte a thaobh còirichean-fearainn coimhearsnachd nan croitearan.
Ann an 1890 bha mòran àitean air an ainmeachadh mar Sgìrean Cuingeil, agus gun gu leòr aca ach airson bith-beò a-mhàin. Thug e gu 1976 agus Achd Ath-leasachaidh Croitearachd mus d'fhuair croitearan an cothrom an croitean fhèin a cheannach agus rian na b' èifeachdaiche a chumail orra.
Find us on