Scotlands History

Màiri Slessor (1848-1915)

Chuir Màiri Slessor air adhart còirichean bhoireannach agus sgaoil i Crìosdachd mar mhiseanaraidh ann an Nigeria.

Rugadh Màiri air 2mh Dùbhlachd 1848 ann an Obar Dheadhain. Ghluais an teaghlach aice a Dhùn Deagh nuair a bha i 11, agus bha i ag obair ann am Muileann Diut a bhuineadh do na bràithrean Baxter. Dh’fhàs i gu math cràbhach agus rinn i an àirde a h-inntinn a bhith na miseanaraidh.

Air 5 Lùnastal 1876, nuair a bha i 28, sheòl i a dh’Afraca air bòrd SS Etiòpia. Bha Màiri Slessor beò am measg sluagh Efik a bhuineadh do Chalabar – roinn de Nigeria.

'Is beannaichte am fear no an tè as urrainn a bhith a' dèanamh seirbhis gu toilichte, nach fheum a bhith  anns a’ chiad àite - deuchainn mhòr,' Màiri Slessor.

Beag air bheag ghabh na daoine rithe agus bha earbsa aca innte. Rinn Màiri strì airson còirichean bhoireannach, bha i a' strì an-aghaidh murt-chàraid (a bha mar shaobh-chràbhadh) agus chuir i air chois taighean-eiridinn don mhisean.

Chaochail Màiri ann an Nigeria ann an 1915 agus b' e adhlacadh-stàit a fhuair i.


  • dealbh de Màiri Slessor, a rinn strì airson còirichean bhoireannach

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.