English
Mar a bha barrachd is barrachd malairt timcheall oirthir Bhreatainn, bha seo a' ciallachadh gu robh feum air sgoil-mhara na b' fheàrr, agus na bu mhotha airson longan a chuideachadh. B' e Raibeart Stevenson (1772-1850) an t-aon mhac a bh' aig ceannaiche às na h-Innseachan, a' chiad fhear ann an sreath de dh’innleadairean ionmholta. Gun e ach 19 bliadhna, bha e os cionn chùisean - a' togail a' chiad taigh-solais aige, air Cumradh Beag (Little Cumbrae) air Caolas Chluaidh. Aig 25 chaidh fhastadh mar einnseanair do Choimisean nan Taigh-solais a Tuath.
B' e aon de na pròiseactan a bu mhotha a thug dùbhlan dha a bhith a' togail Taigh-solais Carraig na Claige (the Bell Rock Lighthouse), dìreach faisg air beul Caolas Tatha. Bha seo an àite clag air carraig a bha air mòran long-bhrisidhean adhbhrachadh. Ann an 1799 a-mhàin, chaidh 70 soitheach a chall ann an Caolas Tatha.
Le cho mìorbhaileach 's a bha dealbhachadh Stevenson fhuair iad thairis air mòran de na trioblaidean a bha cho lìonmhor - droch aimsir, agus a bhith a' togail pìos a-mach on chladach, (11 mìle a-mach à Obar Bhrothaig). Lean e air gu bhith a' cruthachadh solas sònraichte do thaighean-solais, agus rèitich e iomadh trioblaid einnseanaireachd le canàlan, calaidhean agus rathaidean.
Lean a mhic Ailean (1807-65), Daibhidh (1815-86) agus Tòmas (1818-87) ceumannan an athar ann an obair sìtheachadh na mara, agus lean iad orra gu euchdan iongantach a dhèanamh le togail aig muir, mar Muckle Flugga (an taigh-solais nach gabhadh a bhith dèante, aig ceann a tuath Shealtainn), agus Sgeir Mhòr (Skerryvore) eadar Muile agus Tiriodh.
B' e an sgrìobhadair ainmeil Raibeart Louis Stevenson aon de na h-oghaichean aige.
Find us on