English
Bhathar a' mèinneadh luaidhe bho Bheanntan Lowther rè linntean nan Ròmanach. An toiseach bhathar a' cleachdadh na luaidhe airson biadh a ghleidheadh. B' e ‘Taigh-ionmhais Dhè’ a bh’ aig rìghrean na h-Alba air a' phàirt seo den Aonach a Deas, air sgàth nam meatailtean luachmhor a gheibhte ann a thuilleadh air luaidhe, gu sònraichte deagh-ghnè de airgead 's de òr.
Tha baile beag Leadhills, an Lannraig a Deas, 395m os cionn àirde-mara. Bha mèinnean luaidhe ann bho robhar a' faighinn, aig an àirde mu 1810, 1400 tonna sa bhliadhna. Thàinig mèinnearan còmhla an seo ann an 1741 airson a’ chiad leabharlann ballrachd an Alba a chur air chois. Sguir mèinneadh an seo ann an 1928.
Shuas an rathad (seachad air uisge-dhruim Chluaidh-Nith) tha Wanlockhead, an Dum-frìs is Maol nan Gall. Seo am baile as àirde an Alba, aig 467m, agus bha mèinnean luaidhe an seo cuideachd. Bhathar a' cleachdadh einnsean smùide aig Wanlockhead airson na mèinnean a phumpadh. Bha leabharlann mhèinnearan an seo, mar a bha aig Leadhills, agus eaglais, club curlaidh, buidheann dràma agus còmhlan ionnsramaidean airgid.
Tha eachdraidh mèinneadh luaidhe Alba air a h-innse aig Taigh-tasgaidh Mèinneadh Luaidhe Wanlockhead. Faodaidh luchd-tadhail eadhon a dhol fo thalamh a-steach gu aon de na mèinnean luaidhe.
Find us on