Scotlands History

In-imrich Iùdhach

Ged a dh’fhaodadh luchd-malairt agus sgoilearan Iùdhach a bhith air tadhal air Alba anns na Meadhan Aoisean agus ged a dh’fhaodadh gun do theich feadhainn air sgàth geur-leanmhainn ann an Sasainn Mheadhan Aoiseil, chan eil fianais sam bith againn gu robh coimhearsnachdan Iùdhach an seo aig an àm-sa.

Ro dheireadh na 18mh linne bha dhà no trì Iùdhaich ag obair ann an Alba mar luchd-malairt no mar thidsearan ann an oilthighean agus bha oileanaich Iùdhach ann cuideachd.

Chaidh a' chiad choimhearsnachd Iùdhach a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1816. Tràth anns an 19mh linn, anns a' choimhearsnachd Iùdhach ann an Glaschu bha fear a dhèanadh adan, fear nan sùilean, fear a bha a' dèiligeadh ann an àirneis-taighe, seudair, fear a dhèanadh sìtheanan brèige agus marsanta clèite (no ‘quill’). Rinn iad coitheanal anns a' bhaile mhòr ann an 1823.

Mu dheireadh na 19mh linne thàinig iomadh Iùdhach a dh’Alba airson geur-leanmhainn agus bochdainn anns an Roinn-Eòrpa an Ear a sheachnadh. Sheòl a' mhòr-chuid gu ruig Ameireagaidh airson tòiseachadh air beatha ùr ach rinn mòran an dachaigh ann an Alba.

Ann an 1914 bha còrr air 7,000 Iùdhach ann an Glaschu (0.9% de dh’àireamh an t-sluaigh) - bha a' mhòr-chuid beò ann an coimhearsnachd bheòthail anns na Gorbals. Ann an 1939 chaidh àireamh an t-sluaigh Iùdhach ann an Glaschu an àirde nuair a bha fir Iùdhach, mnathan agus clann a' teiche à Gearmailt nan Nàsach agus às an Ostair.

Bha teaghlaichean Iùdhach ann an Inbhir-àir, Obar Dheadhain, Dùn Phàrlain, anns an Eaglais Bhric, ann an Grianaig agus ann an Inbhir Nis. Shuidhich coimhearsnachdan Iùdhach sinagogan agus chuir iad air chois buidhnean sòisealta agus cultarach, agus thug iad foghlam don chloinn.

Tha tasg-lann Iùdhach ann an Alba anns an t-sinagog as sine ann an Alba, Sinagog Gharnethill ann an Glaschu. Tha an t-Ionad a' clàradh beatha teaghlach Iùdhach ann an Alba, mar a bha iad a thaobh a bhith cràbhach, ann am buidhnean, gu sòisealta, gu h-eaconomach, gu poiliticeach agus gu cultarach bhon 18mh linn. Tha taisbeanadh ann fad na h-ùine: ‘Beatha Ùr ann an Alba’.


  • Am pàipear Evening Times Iùdhach Ghlaschu le cead bho Scottish Jewish Archives Centre

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.