English
Lorg an t-Albannach Sir Seumas Clèireach Maxwell, matamataicear agus nàdar-fheallsanach mu dhealan-iùil-tharraing. Sheall e gu robh raon-bualaidh dealain agus iùil-tharraing a' siubhal tro fhànas ann an suailichean aig astar solais.
Rugadh Seumas Clèireach Maxwell ann an Dùn Èideann air an 13 den Ògmhios 1831. Chaidh e tron fhoghlam ann an Acadamaidh Dhùn Èidinn agus an dèidh sin ann an Oilthigh Chambridge. Aig aois 25 chaidh Seumas Clèireach Maxwell a dhèanamh mar Àrd-Ollamh Nàdar-fheallsanachd aig Colaiste Mharischal ann an Obar Dheadhain. An dèidh seo bha dreuchdan aige aig Colaist’ an Rìgh, Lunnainn agus ann an Cambridge.
Dh’atharraich obair Shir Sheumais Chlèireach Maxwell an saoghal.
Albert Einstein
Is iad cuid de obraichean Shir Sheumais Chlèireach Maxwell a chaidh a chur an clò: ‘Air Sreathan Fisiceach Neart’ (On Physical Lines of Force), aiste air ‘Dealan agus Iùil-tharraing’, (A treatise on Electricity and Magnetism), agus ‘Mìneachadh air beachd fiùghantach nan gasaichean' (Illustrations of the Dynamical Theory of Gases). Thug obair buaidh mhòr air luchd-saidheans a bh' ann an dèidh seo.
Thug na lorg Seumas Clèireach Maxwell a-mach buaidh mhòr air saidheans an là an-diugh, agus bha e mar mheadhan air ciad-tòiseachadh iomadh leasachadh teicniceach an là an-diugh, nam measg telebhisean, an rèidio agus reudar.
Air 25mh den t-Samhain 2008 chaidh ìomhaigh de Sir Seumas Clèireach Maxwell a nochdadh ann an Dùn Èideann.
Find us on