English
Bha e cumanta do shluagh a bhith a' fàgail Èirinn agus a' tighinn a dh’fhuireach a dh’Alba. Bha tiogaidean air bàtaichean saor agus thàinig mòran a dh'obair airson ùine aig àm an fhoghair nuair a bha obair ri faighinn anns na h-achaidhean.
Bha na h-Èireannaich air fulang leis a' Ghort Mhòr nuair a chaidh am buntàta a dhìth. Bha mòran den talamh-ionaltraidh a b' fheàrr ann an Èirinn air a chur air leth airson crodh àrach airson mairtfheòil a reiceadh iad ri Breatainn. Bha an sluagh nàiseanta Èireannach an urra ris a' bhuntàta airson a bhith beò agus a-nis cha robh romhpa ach an t-acras.
Nar beachd-ne tha a’ cheart uiread de chòir aig na h-Èireannaich a thighinn don dùthaich-sa airson am beatha a dhèanamh nas fheàrr ’s a th’ aig Albannaich agus Sasannaich a dhol a dh’Èirinn no do phàirt sam bith eile de Bhreatainn... ‘Na cluinneamaid an còrr de ghearan mun droch bhuaidh a tha teachd nan Èireannach a’ toirt air Alba, mur eil sibh gus rudeigin a dhèanamh airson a bhith a’ leasachadh nan trioblaidean a dh’adhbharaich gun do dh’fhalbh iad bho thùs.’ Courier Ghlaschu 1830
Ann an 1841 sheall àireamh-sluaigh gum b' e Èireannaich a bh' ann an 4.8% den t-sluagh a rugadh ann an Alba. (126,321 à àireamh-sluaigh 2,620,184). Ann an deich bliadhna chaidh seo suas gu 7.2%. Eadar 1847 agus 1851 bha na bha de dh’Èireannaich ann an Alba air a dhol suas 90%, a' ciallachadh gu robh 207,367 dhiubh ann.
Rinn an treas cuid de na h-Èireannaich a thàinig an dachaighean ann an Glaschu airson obair a shireadh anns na gnìomhachasan soirbheachail a bha ri taobh Abhainn Chluaidh. Ann an 1851 bha daoine a' meas gur ann an Èirinn a rugadh a' mhòr-chuid den luchd-obrach a bha nan docairean agus nam mèinnearan ann am Breatainn. Bha aig mòran inn-imrichean Caitligeach ri cur suas ri mì-mhodh agus leth-bhreith ann an Alba Chlèireach. Chaidh ionnsaighean a thoirt orra bhon chùbaid agus air na sràidean: ach a-mhàin na mnathan Èireannach a bha ag obair ann am muilnean diut Dhùn-deagh bha daoine a' gabhail riuthasan anns an fharsaingeachd.
Dh'fhàs na coimhearsnachdan Èireannach làidir - a' maoineachadh eaglaisean agus sgoiltean. Ann an 1875 chaidh Cluba Ball-coise Hibernian a stèidheachadh ann an Lìte le fir Chaitligeach. Chaidh Cluba Ball-coise Celtic a chur air chois ann an Glaschu ann an 1888. Aig deireadh 1870 agus 1880 rinn àireamh mhòr de Phròstanaich à Ulaidh inn-imrich a dh' Alba. Thug iad leotha cleachdaidhean ‘orainds’. Eadhon suas gu 1923 bha strìthean eadar bhuidhnean air am piobrachadh le Eaglais na h-Alba nuair a chuir i leabhran beag ann an clò air an robh, ‘Mar a tha sluagh na h-Èirinn nan cùis-uabhais do Nàiseantachd na h-Alba'.
Thar nam bliadhnachan tha in-imrichean Èireannach air mòran a dhèanamh gus cultar agus eaconomaidh na h-Alba a dhèanamh saidhbhir. Am measg Albannach ainmeil a thàinig o shìnnsireachd Èireannach tha Sean Connery, Carol Ann Duffy, Gerald Butler, Dick Gaughan, Brian Cox, Artair Conan Doyle agus Billy Connolly.
Find us on