Scotlands History

Taigheadas

Eadar 1770 agus 1850 dh’atharraich Alba gu mòr - bho bhith na chomann dùthchail stèidhichte air obair-àiteachais gu bhith na rìoghachd le gnìomhachasan anns na bailtean agus air an iomall.

Bha obair an àiteachais air a chruth atharrachadh le leasachadh, ach an uair sin bha aig mòran thuathanaich ri màl mòran na b' àirde a phàigheadh, agus mar sin b' fheudar dhaibh a bhith a' gluasad don bhaile. Ann an 1850 cha mhòr nach robh an treas pàirt de dh’àireamh an t-sluaigh air gluasad gu na bailtean, eadhon ged a bha taighean an sin cho truagh 's a bha anns an Roinn Eòrpa. Bha fada cus sluaigh ann do na bh' ann de thaighean.

Ghluais an fheadhainn a bu bheartaich a-mach gu mar eiseimpleir, Bail’ Ùr Dhùn Èidinn agus gu bailtean eile nach robh cho cuingeil agus a bha na bu bhrèagha, air iomall bhailtean mòra eile.

Dh’fheith teaghlaichean cumanta glaiste ann an rumannan singilte ùine fhada airson Achd 1855 a thug air ùghdarrasan ionadail taighean beaga freagarrach ullachadh agus dh’fheumadh iad taighean nach robh freagarrach do dhaoine a bhith beò annta a dhùnadh.

Mu dheireadh rèitich Achd eile 1875 an t-slighe airson ùrachadh mòr anns na bailtean, ach bha daoine fhathast an sàs ann a bhith a’ falamhachadh nan slumaichean agus ann a bhith a' togail thaighean do na daoine a bu bhochd. Chaidh seo air adhart gu bliadhnaichean an dèidh 1970.


  • seann dealbh a sealltainn 46 Saltmarket, bho 'Old Closes and Streets of Glasgow'

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.