Scotlands History

Oighreachdan nam fiadh air a' Ghàidhealtachd

Am measg a h-uile cuimhneachan sinnsireachd anns a' Ghàidhealtachd lorgaidh sinn pailteas de chabair nam fiadh, le ceann no gun cheann. Mu 1800 bha sealg no stalcaireachd nam fiadh na spòrs cudromach agus bha uachdarain Gàidhealach a' tairgsinn sealg no losgadh, mar a bha frìthean ùra air an cruthachadh mu 1830.

Bha mòran sluaigh a bha a' fuireach anns na glinn air am fuadach, airson àite a dhèanamh do chaoraich agus an dèidh seo bha fèidh cuideachd a' faighinn deagh dhachaigh annta. Dh'fhàs oighreachdan na Gàidhealtachd gu bhith nan raointean-cluiche do na daoine beartach agus chaidh togalaichean mìorbhaileach spaideil a thogail dhaibhsan a bhiodh a' sealg. Chaidh frith-rathaidean a dhèanamh gu na beanntan airson phònaidhean gus an tugadh iad air ais na daimh agus na h-èildean a chaidh a leagail le luchd-seilge an fhoghair.

Tha sealg an fhèidh a' dol fhathast mar chleas do na daoine saidhbhir, le geamairean proifeiseanta ri làimh airson cobhair a thoirt seachad.


  • Rùm taobh a-staigh Mar Lodge

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.