Scotlands History

Slàinte

Thog an t-astar aig na dh’fhàs àitean timcheall air na bailtean eadar 1770 agus 1850 iomadh ceist shòisealta - cha b' iad fiabhras breac agus colara a bu lugha dhiubh sin. Bha seo ri linn uisge truaillte, sàibhirean fosgailte agus slàinteachas mì-fhreagarrach.

Ann an 1800 b' e aon duine a-mach à sianar a bha a' ruighinn a' chiad cho-là breith. Bha am biadh bochd: b' e aran agus aran-coirc a bu mhotha a bh' ann. Cha robh iasg, measan agus feòil ach tearc agus mar sin bha a' bhuaidh ri fhaicinn le cnàmhan gu math cam (rickets). Gu math cumanta am measg an t-sluaigh bha a' ghriùrach, a' bhuinneach agus an triuthach a’ marbhadh chloinne. 

An dèidh Achd an Ath-leasachaidh 1832, chaidh làimhseachadh giodar agus uisge a chur air dòigh: bha uisge glan a' sruthadh ann am pìoban agus bha seo a' tighinn à Loch Katrine, agus thog baile Dhùn Èideann amaran mòra a ghleidheadh uisge ann am Beanntan Pentland. Thog na h-ùghdarrasan ionadail amaran, pàircean, taighean-eiridinn agus taighean-nighe.

Mu 1860 chaidh Oifigearan Meidiceach Slàinte a shuidheachadh airson nam bailtean mòra agus bha sgoiltean mheidiceach na h-Alba ann an oilthighean Obar Dheadhain, Ghlaschu agus Chill’ Rìmhinn air an deagh stèidheachadh. Thàinig piseach air slàinte dhaoine beag air bheag mar a chaidh uairean obrach a lùghdachadh agus bha anns ‘àm-dìomhanais’ air a shuidheachadh.


 
  • dealbh de 101 High Street, Glaschu
  • seann dealbh de Loch Katrine

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.