Scotlands History

Leudachadh gnìomhachais is bhailtean

Eadar 1800 is 1900 dh’atharraich Alba bho bhith na coimhearsnachd àiteachais gu bhith na dùthaich le bailtean fìor-mhòr, factaraidhean tomadach is gnìomhachas trom.

Bha àireamh mhòr de Albannaich fhathast ag obair air àiteachas 's aig an iasgach, ach bha obair aodaich, guail agus togail bhàtaichean a' tàladh barrachd dhaoine gu na bailtean.

Bhathar a' meas gun robh obair a' chotain an Alba a' toirt cosnadh do mu 25,000 bhreabadairean bheartan-làimhe ann an 1780. Bha còrr air a dhà uiread ann mu 1800 agusd dh’fhàs sin gu 78,000 ro na h-1820an.

Bha einnsean-smùide Sheumais Watt air cùl Atharrachadh a' Ghnìomhachais. Dh’atharraich beartan-cumhachd nam muilnean cotain gnìomhachas an aodaich. Bha factaraidhean mòra mar Mhuilnean Stanley agus Lannraig Nuadh a’ toirt obair do mhìltean dhaoine, mhnathan is chloinne. B' e Dùn-deagh teis mheadhan Eòrpach gnìomhachas an Diut. Bha gnìomhachas beòthail clò agus aodaich anns na Crìochan.

Chaill mòran am beatha ann an tubaistean ann am mèinnean, taighean-leaghaidh, muilnean is rathaidean-iarainn na h-Alba. Bha uairean fada is droch shuidheachadh aig luchd-obrach. Bha luchd-obrach an diut ag obair 50 gu 60 uair san t-seachdain agus bhathar a' bualadh chloinne gus am biodh iad ag obair na bu luaithe.

Bha an gnìomhachas trom – mèinneadh guail, iarann, togail shoithichean agus stàilinn – na mheadhan air gun robh Alba air aon de na h-àitean san t-saoghal bu mhotha san robh gnìomhachas. Thog Alba leth tonnachas bhàtaichean Bhreatainn agus cairteal de einseannan thrèanaichean an t-saoghail.

Eadar 1750 agus 1821 leum àireamh-sluaigh Ghlaschu bho faisg air 32,000 gu còrr air 147,000. Bha duilgheadasan mòra an Alba san 19mh linn a thaobh taigheadais agus slàinte). Bha gnìomhachas trom a' truailleadh na h-àile is nan aibhnichean.


  • seann dealbh de sràid Jamaica ann an Glaschu

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.