English
Tha Bobaidh nam Manach Liath neo Greyfriars Bobby, ainmeil air feadh an t-saoghail mar ìomhaigh Albannach. Tha an sgeulachd mu dhìlseachd a' choin bhig, terrier Sgìtheanach air a h-innse ann an dà dhealbh Hollywood agus ann an iomadh leabhar.
B' e fear-faire oidhche aig Poilis Baile Dhùn Èidinn a bh' ann an Iain Gray leis an robh Bobaidh. An dèidh a bhith dà bhliadhna còmhla bhàsaich Iain Gray leis a' chaitheamh anns a' Ghearran 1858. Chaidh Gray adhlacadh ann an Cladh nam Manach Liath faisg air Grassmarket ann an Dùn Èideann.
Tha e air a ràdh gun do chuir Bobaidh seachad na 14 bliadhna às dèidh seo aig uaigh a mhaighstir. Dhèanadh e a shlighe a-mach às a' chladh aig tràth-diathad airson biadh. Dh' fhàs Bobaidh ainmeil anns an sgìre. Ann an 1867 bha Bobaidh ann an cunnart nuair a dh'òrdaich riaghailt ùr gu feumadh coin a bhith clàraichte. Phàigh am Pròbhaist Uasal Sir Uilleam Chambers airson gum biodh clàradh Bobaidh air ùrachadh.
B' e fear-stiùiridh Comann Albannach airson An-iochdmhorachd a thaobh bheathaichean a chasg a bh' ann an Sir Uilleam agus fear-stèidheachaidh (còmhla ri fear eile) Faclair Chambers. Thug e coilear coin do Bobaidh le bràiste umha air an robh sgrìobhte, ‘Bobaidh nam Manach Liath, bhon Phrobhaist Uasal, clàraichte 1867’.
Bhàsaich Bobaidh nam Manach Liath mu dheireadh thall ann an 1872. Chaidh adhlacadh faisg air a mhaighstir Iain Gray ann an cladh nam Manach Liath. Bliadhna an dèidh seo chunnaic a' bhan-Tighearna Burdett-Coutts gu robh ìomhaigh umha de Bobaidh air a dhèanamh agus fuaran (do dhaoine agus do choin).
An-diugh ann an Dùn Èideann is e Bobaidh nam Manach Liath aon de na caractaran as gràdhaichte a tha sa bhaile.
Find us on