Scotlands History

Rèile fo thalamh sgìre Ghlaschu

Ann an 1876 dh' fhosgail rèile fo thalamh Ghlaschu. Bha i ann an cearcall dà loidhne, agus bha i 6.5 mìle de fhaid agus i a' faighinn cumhachd o shiostam càball agus ‘clutch’ le aon chàball a' dol taobh eadar-dhealaichte. Bha na càbaill 4cm an tiughead, mu 57 tonna de chuideam annta agus bha iad air an cumail a' dol fad na h-ùine aig an aon astar nuair a bha an loidhne fosgailte.

Bha an siostam gu lèir air a chumail a' dol bho ionad a bha a' faighinn a chumhachd o smùid, le trèanaichean air an tarraing suas airson an càradh no airson sgrùdadh mionaideach a dhèanamh orra, gu bhith a' ruighinn sìos gu talamh gu bùthan-obrach Bhaile Ghobhainn.  

Bha cearcaill de thunailean aig doimhneachd àbhaisteach 9m, a' sìneadh a tuath agus a deas air Abhainn Chluaidh, agus cha robh gin coltach riutha ann oir a bha iad gu lèir fon talamh. Bha na rèilichean 4 troighean (1.22m) agus bha iad dealaicht’, an fheadhainn a bh' air an iomall agus an fheadhainn a b' fhaide a-staigh, gun a bhith a' coinneachadh ann an àite sam bith.

Bha 15 stèisean aig Rèile fo thalamh Sgìre Ghlaschu, air an togail le ùrlar anns a' mheadhan eadar slighe nan rèile, agus mar sin cha robh dorsan ach air aon taobh de na trèanaichan. Bha luchd-siubhail a' dol air bòrd ann am meadhan na trèana agus a' fàgail tro na dorsan aig toiseach no deireadh na trèana.

Cha robh an dà thunail ach 11 troigh (3.35m) de leud, agus bha iad a' tairgsinn seirbhis do dh’àitean air gach taobh den bhaile. Aig amannan a bha trang bha na trèanaichean a' ruith a h-uile ceithir mionaid. B' e cumhachd a' chàbaill a bha a' ruith nan trèanaichean gu 1935 nuair a thàinig an dealan airson cumhachd a thoirt dhaibh.


  • Dealbh de threan air an rèile fo thalamh ann an sgìre Ghlaschu

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.